seaboardgàidhlig

bilingual blog dà-chànanach

Browsing Posts in Seaboard News Gaelic archive

Coinneach Odhar Fiosaiche Am measg taibhsearan na Gaidhealtachd b’ e Coinneach Odhar Fiosaiche a b’ ainmeile. Bha urram aig Coinneach mar fhàidh na dhùthaich fhèin oir bha a chliù mar fhiosaiche air a chraobh-sgaoileadh air feadh an Taoibh Tuath, agus eadhon an-diugh cluinnear gu tric iomradh air na rudan neo-àbhaisteach a labhair e. Cha robh […]

A’ Bhliadhna Ghàidhlig Nuair a cheannachas sinn mìosachan Gàidhlig san latha an-diugh, tha dà mhìos dheug ann le ainmean Gàidhlig, le 28 gu 31 làithean aca, gu tur co-shìnte ris a’ mhìosachan Bheurla. Ach cha robh e idir mar sin gu traidiseanta. Fiù ‘s anns an fhicheadamh lìnn bha cuid de dhaoine air an dùthaich […]

Òrain Ghàidhlig na cloinne / Gaelic children’s songs Ged a tha a’ mhòr-chuid de na h-òrain an seo tradiseanta, tha cuid nas ùire ann san latha an-diùgh cuideachd, agus tòrr dhiubh ri am faicinn is an cluinntinn air làrach-lin Gaelic4Parents, no làrach-lìn Education Scotland, a bhios an dà cuid a’ dèanamh obair mhath is chudromach. […]

Meal do naidheachd!  Congratulations! Tha an Talla ùr 10 bliadhna a dh’aois am bliadhna agus tha iad a’ smaoineachadh air dòighean freagarrach sin a chomharradh – nach innis sibh ur beachdan dhaibh? The Seaboard Hall is 10 years old this year, and they are thinking about suitable ways to mark this. Why not tell them your ideas?  […]

Thuit mullach na h-eaglaise na broinn as dèidh sneachda is stuirm o chionn ghoirid. The roof of the church has fallen in after recent snow and storm. http://www.ross-shirejournal.co.uk/SPP/Journal-front-page-29062011.htm Ach tha iad an dòchas fhathast gur urrainnear a sàbhaladh. http://www.kirkmichael.info/ But they hope it can still be saved.    http://www.kirkmichael.info/index.htm  Seo ceanglaichean bhon BhBBC às dèidh an […]

Thoir taic dhan Seaboard Hall – support the Seaboard Hall!    

Eaglais Chille Mhìcheil, Eilean Dubh / Kirkmichael, Black Isle Tha ceann an ear an t-Eilein Duibh am measg nan àitichean as fheàrr leam ann an Rois an Ear (gun Machair Rois fhèin a chunntadh). Nuair a bha mi glè òg ruith m’ athair ‘s mo mhàthair Taigh-Òsda an Aiseig ann am Baile a’ Bhlàir, agus […]

 

1. It’s called ‘reading’ – it’s the way human beings install new software on their brains… 2.  –  Daddy, I’m thinking of taking up a career in organised crime… – For the government, or in the private sector? Am mac as fheàrr air an t-saoghal Dithis bhoireannach san t-seòmar-feitheaimh aig stèisean pòilis. A: Na mic, […]

  Mions Meadhan-Thìreach  / Mediterranean Mince Grìtheidean (airson 4) 500gr mions (mairtfheòil no uanfheòil) 2 chreamh-gàrraidh meadhanach, gun pairt uaine dorcha righinn 2 phiobar-cluig dearg 2 churran meadhanach 2 làn laimhe pònair Fhrangaich no ruith, no pheasraichean mange-tout no sugar-snap 8 buntàta meadhanach ann an sliseagan (amh no deasaichte) pacaid tomàtothan beaga cùbhraidh (cherry no […]