seaboardgàidhlig

bilingual blog dà-chànanach

Browsing Posts in Seaboard News Gaelic archive

Ainmean-Àite 4: na Gàidheal – Creideamh is Caistealan Creideamh Ged a dh’fhaodas a bhith fianais air ‘Draoidhean’ anns an sgìre anns na h-ainmean ‘Port an Druidh’, agus ‘Cadha Port an Druidh’ air Beinn Neig, ‘s dòcha ceangailte ris  na Decantae (c. 120 BC), chan eil eòlas cinnteach againn dè na h-ainmean-àite a dh’fhaodas a dhol air […]

Ma bhios ùine agus ùidh agaibh a-màireach, Disathairne 25 den Cheitean aig 2f, bidh cothrom math ann na naidheachdan arc-eòlach as ùire mu Chlach Neig a chluinntinn fhad’s a tha sibh a’ coiseachd air Slighe an Easbaig, le deasbad is srùbag as a dhèidh. Barrachd fiosrachaidh an seo: http://www.niggoldtrust.org.uk/news.asp   If you have time and interest tomorrow, Sat 25 […]

Chaidh sgoilearan clas 6/7 à Bun-sgoil Chnoc na Creige, ann am Baile Dhubhthaich, air turas gu Pàrlamaid Diluain sa chaidh airson seisean tro mheadhan na Gàidhlig. Class 6/7 GME Craighill Primary, Tain, visited the Scottish Parliament for a Gaelic tour and activities last Monday . http://parlamaidalba.wordpress.com/2013/05/02/bailedhubhthaich/ Looks like they had fun, especially creating their own MSP profile…   […]

Ainmean-àite ann am Machair Rois 3  – na Gàidheal: an oirthir ‘S e oirthir an Ear am pàirt as drùidhtiche den sgìre againn agus tha na h-ainmean-àite a’ toirt fianais air sin. Anns an t-uabhas de dh’ainmean ionadail air creagan sònraichte, mar eisimpleir, chithear cho cudromach agus a bha a’ mhuir aig daoine, airson iasgaich […]

Ainmean-Àite ann am Machair Rois 2 – Na Gàidheil: Bailtean is Cruth na Tìre Chunnaic sinn mìos sa chaidh gu bheil iomadh ainm-àite ann am Machair Rois a thàinig bho na Cruithnich agus na Lochlannaich, ach ‘s ann bhon t-sluagh Ghàidhealach a thàinig a’ mhòr-chuid de na h-ainmean san sgìre seo. Ged a bha cuid […]

Ainmean-Àite ann am Machair Rois 1 – na Cruithnich agus na Lochlannaich Ged nach e ceàrnaidh glè fharsaing a tha ann am Machair Rois, tha cruth na tìre eadar-dhealaichte agus eachdraidh fhada is inntinneach aice, agus tha seo gu math follaiseach anns na h-ainmean-àite a dh’fhàg gach sluagh, agus gach ginealach, air a’ mhapa. ‘S […]

Brot creamh-gàrraidh le mions is càise Seo reasabaidh Gearmailteach dhuibh a fhuair mi bho mo charaid  Inge à Bonn. Bha mi air cèilidh oirre aon nochd-gheamhraidh fhuar an-uiridh agus bha am brot seo na deagh shiupear às dèidh latha fhada agus slighe sgìtheil, cho blasta ‘s cho teth gun do dh’fhuirich e nam chuimhne. Agus […]

An turas seo aig tachartas Alba Chruthachail, airson pròiseact sgoile: CREATIVITY IN SCHOOLS AWARD Fèis Rois: Fèis Rois worked with The Bridge in Inverness on a project to engage and inspire young people from difficult backgrounds through music. Traditional musicians worked with the group playing instruments, singing and songwriting. At the end of the project […]