seaboardgàidhlig

bilingual blog dà-chànanach

Browsing Posts published by seaboardgàidhlig

 

This is only a start. Please let me know if you know of other websites relevant to the Seaboard and area. Mòran taing!

The Seaboard Villages home site http://www.seaboardvillages.com/index.asp?pageid=143777

Seaboard History site:  ‘Dualchas – Down to the Sea’ project 2014  http://seaboardhistory.com/

Undiscovered Scotland http://www.undiscoveredscotland.co.uk/balintore/balintore/index.html

The Fearn Peninsula http://www.fearnpeninsula.org.uk/communities-seaboard.html

First Foot.com Gazetteer http://www.firstfoot.com/tour/seaboard-villages-1867.htm continue reading…

 

Useful links for Gaelic learners / speakers – let us know of any others you find, and if any links don’t work. 

Useful ‘one stop shop’ for learners: http://learngaelic.net/

 

Online dictionaries

Am Faclair Beag http://www.faclair.com/

LearnGaelic dictionary: http://learngaelic.net/dictionary/

Stòr-Data Briathrachais Gàidhlig  http://www2.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/sbg/lorg.php

Dwelly http://www.dwelly.info/

Colin Mark at Googlebooks http://books.google.com/books?id=9LvrxOFoukgC

SMO dictionary list http://www2.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/ continue reading…

Beinn Uais /Ben Wyvis

Faclan Gàidhlig anns a’ Bheurla – Gaelic words in English

Ged a tha fios againn gu bheil faclan Gàidhlig, no le tùsan Gàidhlig, anns a’ Bheurla Albannaich, cha bhi sinn an-còmhnaidh mothachail air an uiread a tha dhiubh no gun lorg sinn cuid mhath eile anns a’ Bheurla Shasannaich fhèin. Bidh iad air an sgrìobadh air dòighan rud beag eadar-dhealaichte, ’s dòcha, ach ’s urrainn dhuinn an aithneachadh.

’S ann am measg feartan na tìre a lorgas sinn  a’ mhòrchuid  de na faclan air a bheil sinn uile eòlach. Chaidh iadsan a-steach do chleachdadh cumanta, fiù ’s ann an Sasainn, tron shealladh romansach den Ghàidhealtachd – tìr àlainn ach gharbh – a bha aig na Bhictorianaich, an ìre mhath tro na nobhailean le Sir Walter Scott. Bha loch, glen agus strath, ben agus cairn, na b’inntinniche agus na bu romansaiche na lake, valley, mountain agus pile of stones. continue reading…

Cleachdaidhean Oidhche Challainn sa Ghearmailt – How Germans celebrate Hogmanay

Ged nach eil na Gearmailtich eòlach air mòrchuid den cleachdaidhean againne – tha iognadh mòr aca nuair a bhios mi ag innse dhuibh mu first-footing is a leithid sin,  tha cleachdeaidhean inntinneach eile acasan , agus tha fiù ’s rud no dhà againn an cumantas.

Bleigiessen  = leaghadh luaithe.

Cruinnichidh an teaghlach no buidheann charaidean timcheall air a’ bhuird, is seo nas fheàrr ri solas coinnle, agus fear mu seach cumaidh iad pìosan beagan de luaithe ann an seann spàin os cionn lasair coinnle mionaid no dhà. Bi an luaithe a’ leaghadh gu math luath, leis gu bheil e cho bog , agus às dèidh sin thèid a leagail a-steach ann an uisge fuar, far am fàs e cruaidh a-rithist, ach ann an cruthan neònach. An crochadh air na cruthan a th’ ann, chì thu am bi deagh no droch fhòrtan agad sa bhliadhna sa tighinn.  Seo feadhainn dhiubh: continue reading…

Laoidhean Nollaig sa Ghàidhlig – Christmas Carols in Gaelic

Ged nach b’ àbhaist  dhan mhuinntir den Ghàidhealtachd Chlèirich Nollaig a chomharrachadh mar a nì sinn an latha an-diugh, bha a dh’aindeoin sin an còmhnaidh laoidhean Nollaig ann, an fheadhainn as ainmeile ‘Tàladh Chriosda’ agus ‘Leanabh an Àigh’ .  Rè nam bliadhnaichean tha laoidhean Nollaig eile air an cur ri cheile, agus tha mòran laoidhean Beurla air an eadar-theangachadh cuideachd. Seo roghainn beag dhuibh, le ceanglaichean gu làraichean-lìn far an lorg sibh rannan eile agus uireannan an ceòl cuideachd.  Tha mòran eile ri fhaotainn anns an leabhar agus air na CDs ‘Duan Nollaig’ le F. J. Mackenzie*.
Tha mi an dòchas gun còrd e ribh a bhith gan seinn!

***

Although the people of the Presbyterian Highlands didn’t use to celebrate Christmas the way we do nowadays, there were always Gaelic carols around, the most famous being the Gaelic originals of The Christ Child’s Lullaby and Child in the Manger. In the course of time further carols were composed, or English ones translated. Here’s a selection, with links to websites with more carols and sometimes the sung music too. There are a lot more in the book and on the CDs ‘Duan Nollaig’ by F. J. Mackenzie*.
Hope you enjoy singing them!

  continue reading…

Cùil Lodair – Culloden

DSCN7536Ath-bheachd, an Lùnasdal 2015:

Am bliadhna bha mi ag obair sna làithean-saora mar neach-iùil do luchd-turais a ruigas port Inbhir Ghòrdain sa Ghàidhealtachd air na loidhnearan ana-mhòra a bhios a’ dèanamh chuairtean-mara timcheall air Breatainn no suas gu Nirribhidh. Gu tric chan eil ach aon latha a-mhàin aca gus a’ Ghàidhealtachd fhaicinn agus bi busaichean a’ feitheamh orra sa phort agus iad a’ dèanamh chuairtean eadar-dhealaichte tron sgìre: do chaistealan agus gàrraidhean, do thaighean-staile agus raointean-goilf, agus – tha fhios – do Loch Nis.  Ach chaidh na buidhnean agamsa, Gearmailtich gu ìre mhòr, do Chaisteal Chaladair agus Cùil Lodair.
Bha iad uile uabhasach measail air a’ chaisteal bhòidheach agus air na gàrraidhean brèagha timcheall air, ach rinn Cùil Lodair druidheadh sònraichte orra. Bha ùidh dhùrachdach aig mòran dhiubh anns an eachdraidh (air neo bhiodh iad air diofar seòrsa cuairt a thaghadh) agus chuir iad iomadh cèist chiallach. Gu tric bha dealbh den bhlàr aca, agus den eachdraidh Albannach aig an àm sin, gu math dubh-geal roimhe – Albannaich an aghaidh Shasannach, no Caitligich an aghaidh Phròstanach, agus bu mhòr an iognadh nuair a chuala iad gun robh Albannaich (agus Sasannaich, is Frangaich, is Èireannaich agus fiù ‘s Gearmailtich) air gach taobh. Gum b’ e seòrsa cogadh catharra a bh’ ann. Agus cha robh e soilleir idir dhaibh roimhe dè a’ bhuaidh chronail mhairsinneach a bheireadh e air dualchas is cùltar na Gàidhealtachd agus na h-Alba gu lèir.  Agus bha cuimhn’ agam an uair air a’ chiad turas a bha mi fhìn san ionad-tadhail ùr an sin, o chionn sia bliadhna.

Podcast: bho mu 23 mionaidean a-mach.

http://gng.acgamerica.org/2015/08/29/asa7/ 

 

**************************************************************************************************

An t-Samhainn 2009:

Anns an Lùnasdal sa chaidh bha mi a’ chiad thuras ann an Ionad-Tadhail ùr Chùil Lodair faisg air Inbhir Nis, barrachd air 260 bliadhna às dèidh a’ bhlàir fhèin 16 den Ghiblean 1746 – am blàr mu dheireadh air talamh Bhreatainn. Mar a thathar a’ ràdh air làrach-lìn an Ionaid: ‘Pàirt de chòmhstrì creideimh agus poileataigs nas motha san Roinn Eòrpa, dh’atharraich am blàr goirid ach fuilteach cùrsa eachdraidh’. Tha an Ionad a’ feuchainn sealladh dhuinn le meadhanan beothail ach fiosrachail carson a thachair am blàr agus na thachair dha na daoine an sas ann fad nan làithean cruaidh seo – nam bheachdsa glè shoirbheachail. continue reading…

Còco is Crùbagan – Cocoa and Crabs

“Thàinig Papaidh dhachagh aig beul na h-oidhche… Nochd e a-staigh mar oiteag làidir gaoithe, a’ sguabadh leis a-staigh èadhar fhuar a’ Chuain Sgìth… Bha e air a chòmhdach ann an dubh: oidhlsgin dhubh, souwester dubh agus Wellingtons fhada dhubh. Is ann a bha e coltach ri sgarbh a’ caitheamh dheth an t-sàil na loin mun cuairt air.”

Nam b’ e  ‘An Cuan a Tuath’ a bhiodh ann seach ‘An Cuan Siar’, chreideadh tu gum b’ e sealladh à Ros an Ear a bh’ ann, grunnan deicheadan air ais,  ach thàinig an earrann seo à Còco is Crùbagan – a Hebridean Childhood, le Flòraidh Nic Dhòmhnaill à Beinn na Fadhla, leabhar beag a tha mi a’ leughadh an-dràsta. Nam bheachd-sa, ge-tà, chòrdadh e cheart cho math ri duine sam bith le ùidh ann no cuimhne air seann dòigh-beatha iasgaich no tuathanach ann an gach sgìre eadar na h-Eileanan Siar agus an Linn Mhoireibh. continue reading…

Arcaibh  /  Orkney

Chuir mi ceithir làithean seachad ann an Arcaibh còmhla ri mo mhàthair  an samhradh seo, agus chòrd e rinn gu mòr. Cha robh sinn air a bhith ann airson 15 bliadhna co-dhiù, mar sin bha sinn ga fhaicinn le sùilean ùra a-rithist. Tha e ann an nàdar an duine a bhith toilichte nuair a chì e ann an àite eile rudan air a bheil e eòlach às a’ bhaile aige fhèin, agus gu dearbh chunnaic sinn corra shealladh a bha coltach ris na rudan a bhios no a bha sinn a’ faicinn ann am Machair Rois fhèin. Air an làimh eile ge-tà, tha taobhan gu tur eadar-dhealaichte ann. ‘S e am measgachadh sin a rinn ar làithean-saora ann an Arcaibh cho tlachdmhor. continue reading…

Fèis Rois

Fhuair mi DVD air leth an-dè ris an robh mi a’ feitheamh airson greis mhath agus tha mi dìreach  air a choimhead: Fichead ’s a h-aon – Fèis Rois, 21 years and counting.. ‘S e prògram aithiriseach ann an Gàidhlig agus Beurla a th’ann cho math ri cuirm chiùil a tha taisbeanadh tàlant na h-òigridh. Ged a tha Fèis Rois nan Inbheach ann a-nis, tha e gu sònraichte drùidhteach is brosnachail a bhith a’ faicinn na h-òigridh, a’ seinn, a’ cluich, a’ dannsa is a’ bruidhinn mun toileachas a tha e a’ toirt dhaibh dìreach a bhith ann. Fad seachdain na Fèise ann an Ulapul, tha iad a’ measgachadh le clann o air feadh Shiorrachd Rois leis an toil an aon seòrsa ciùil  ‘s iad cuideachd a’ faighinn oideachadh o luchd-ciùil ainmeil  a-leithid Fred Mhoireasdain, Phil Choineagain, Alison Kinnaird no Iain Bayne. Chaidh mòran phàrantan, luchd-ciùil agus ainmean ainmeil an ceasnachadh air an DVD‘s iad a’ toirt seachad am beachdan  air an Fhèis.

Thuirt Calum Dòmhnallach à Runrig (e fhèin a’ fuireach ann an Ros an Ear, agus  na bhall air Bòrd Fèis Rois), is e a’ bruidhinn mun chlann aige fhèin: ‘‘Nuair a thig iad air ais às- dèidh cuairt sgoile no bho spòrs, bi iad ag innse dhut mu dheidhinn sa chàr uair a thìde no dhà. Ach nuair a bha iad aig an Fhèis, bi iad ag innse nan sgeulachdan dhut airson seachdain co-dhiù.’’ Thèid ceanglaichean càirdeis a chruthachadh agus   a dh’ùrachadh a mhaireas fad bhliadhnaichean, aig Fèis an t-earraich, air na Cuairtean Cèilidh as t-samhradh agus fad n Fèis ‘Blas’ as t-fhoghar.  continue reading…

Dòigh-beatha san taigh-tasgaidh, no air an tràigh?

Chan eil fhios agam mas toil leibhse e, ach ’s toil leamsa gu mòr tadhal air taighean-tasgaidh eachdraidh ionadail, gu h-àraidh feadhainn ‘open-air’ le seann taighean agus togalaichean tuathanachais no iasgaich làn stuth bho àm ar sinn-seanairean.

Uill, bha mi a’ leughadh cruinneachdh bàrdachd ùr Gàidhlig (le taic eadar-theangachaidh gu Beurla leis na bàird fhèin) o chionn ghoirid, agus thachair mi air dàn uabhasach druidhteach le Màiri NicGumeraid, An Taigh-tasgaidh ’s an Leabhar*, a rinn mi smaoineachadh air dòigh eadar-dhealaichte mun chuspair seo. continue reading…