Fèis Rois
Fhuair mi DVD air leth an-dè ris an robh mi a’ feitheamh airson greis mhath agus tha mi dìreach air a choimhead: Fichead ’s a h-aon – Fèis Rois, 21 years and counting.. ‘S e prògram aithiriseach ann an Gàidhlig agus Beurla a th’ann cho math ri cuirm chiùil a tha taisbeanadh tàlant na h-òigridh. Ged a tha Fèis Rois nan Inbheach ann a-nis, tha e gu sònraichte drùidhteach is brosnachail a bhith a’ faicinn na h-òigridh, a’ seinn, a’ cluich, a’ dannsa is a’ bruidhinn mun toileachas a tha e a’ toirt dhaibh dìreach a bhith ann. Fad seachdain na Fèise ann an Ulapul, tha iad a’ measgachadh le clann o air feadh Shiorrachd Rois leis an toil an aon seòrsa ciùil ‘s iad cuideachd a’ faighinn oideachadh o luchd-ciùil ainmeil a-leithid Fred Mhoireasdain, Phil Choineagain, Alison Kinnaird no Iain Bayne. Chaidh mòran phàrantan, luchd-ciùil agus ainmean ainmeil an ceasnachadh air an DVD‘s iad a’ toirt seachad am beachdan air an Fhèis.
Thuirt Calum Dòmhnallach à Runrig (e fhèin a’ fuireach ann an Ros an Ear, agus na bhall air Bòrd Fèis Rois), is e a’ bruidhinn mun chlann aige fhèin: ‘‘Nuair a thig iad air ais às- dèidh cuairt sgoile no bho spòrs, bi iad ag innse dhut mu dheidhinn sa chàr uair a thìde no dhà. Ach nuair a bha iad aig an Fhèis, bi iad ag innse nan sgeulachdan dhut airson seachdain co-dhiù.’’ Thèid ceanglaichean càirdeis a chruthachadh agus a dh’ùrachadh a mhaireas fad bhliadhnaichean, aig Fèis an t-earraich, air na Cuairtean Cèilidh as t-samhradh agus fad n Fèis ‘Blas’ as t-fhoghar. continue reading…