Beinn Uais /Ben Wyvis
Faclan Gàidhlig anns a’ Bheurla – Gaelic words in English
Ged a tha fios againn gu bheil faclan Gàidhlig, no le tùsan Gàidhlig, anns a’ Bheurla Albannaich, cha bhi sinn an-còmhnaidh mothachail air an uiread a tha dhiubh no gun lorg sinn cuid mhath eile anns a’ Bheurla Shasannaich fhèin. Bidh iad air an sgrìobadh air dòighan rud beag eadar-dhealaichte, ’s dòcha, ach ’s urrainn dhuinn an aithneachadh.
’S ann am measg feartan na tìre a lorgas sinn a’ mhòrchuid de na faclan air a bheil sinn uile eòlach. Chaidh iadsan a-steach do chleachdadh cumanta, fiù ’s ann an Sasainn, tron shealladh romansach den Ghàidhealtachd – tìr àlainn ach gharbh – a bha aig na Bhictorianaich, an ìre mhath tro na nobhailean le Sir Walter Scott. Bha loch, glen agus strath, ben agus cairn, na b’inntinniche agus na bu romansaiche na lake, valley, mountain agus pile of stones. continue reading…