seaboardgàidhlig

bilingual blog dà-chànanach

Browsing Posts in Seaboard News Gaelic archive

Àiteachas is iasgach an am Pearù Beagan seachdainean air ais bha mi cho fortanach is choilean mi bruadar nan làithean-sgoile agam, nuair a thachair mi air dealbhan Machu Picchu: chaidh mi a Phearù! Is e an turas as iongantaiche a rinn mi riamh, ann an iomadh dòigh – caochladh nan seallaidhean-tìre, eachdraidh nan cultaran eadar-dhealaichte […]

Tha òran snog ainmeil tradaiseanta ann air a bheil Dh’èirich mi moch madainn Chèitein. ‘S e òran-luaidh a th’ ann, luath, beòthail, aighearach, làn molaidh air na h-eòin ‘s an ceilearadh, air a’ bhradan a’ leum, agus air àilleachd nàdair. Ann an cuid de na tionndaidhean, tha nuallan a’ chruidh a’ nochdadh, is banarach bhòidheach […]

‘S ann anns a’ Ghearran a tha mi a’ sgrìobhadh seo, àm nan gealagan-làir.  Anns na mìosan dubha den gheamhradh bidh sinn a’ fèitheamh air a’ chiad sealladh dhiubh,  is iadsan comharra an earraich ri teachd, geal mar an sneachd agus deàrrsach mar sholas na maidne. Anns a’ Ghàidhlig tha an t-ainm a’ ciallachadh “rud […]

Seo òran beag simplidh do chloinn, air cuspair freagarrach dhan Seaboard! Tha e ag obrachadh san aon dòigh ‘s a chunnaic sinn leis an òran Uiseag Bheag Dhearg, a sgrìobh mi mu dheidhinn o chionn greis. Tha gille òg a’ cur cheistean air iasg beag agus an t-iasg a’ freagairt. Dh’fhaodadh seo a bhith na […]

Turraisg gheal na Nollaig / White Christmas pudding Taing do Janet, caraid dhomh ann an Liverpool, airson an reasabaidh seo. Rinn i an turraisg shònraichte seo do bhuidheann chàirdean gach Nollaig fad bhliadhnaichean, agus am bliadhna fheuch mi fhìn oirre – agus bha i blasda fhèin! Tha i math mar roghainn eile ma bhios tu […]

Chunnaic sinn am mìos sa chaidh mar a dh’fhalbh na Hiortaich mu dhèireadh ann an 1930. San latha an-diugh chan eil daoine ann a’ bhios a’ fuireach anns an eilean ach buidheann luchd-obrach anns an stèisean beag an airm, feadhainn eile ag obair airson an Urrais Nàiseanta, agus bho àm gu àm luchd-saidheans tadhalach. Bha […]

Tha a’ mhòr-chuid dhuibh eòlach air sgeul falamhachadh muinntir Hiort ann an 1930. Bha mi cho fortanach ‘s gun deach mi dhan bhuidheann-eileanan seo am bliadhna, cuairt fìor iongantach  Tha na h-eileanan fad a-muigh san Atlantaig, 41 mìltean bho Bheinn na Faoghla agus 101 bhon tìr-mhòir, ach bha clann-daonna a’ fuireach an sin o chionn […]

Òrain an ròin Bha an ròn riamh na chreutair fìor shònraichte do mhuinntir sgìrean a’ chladaich, le iomadh sgeulachd mu ròin a thilgeadh am bian air an tràigh, a’ nochdadh ann an cruth fhear no bhoireannach brèagha. Bha fiù cuid ann a phòsadh clann-daoine, ged aig a’ cheann thall bhiodh iad a’ tilleadh gu muir, […]

This month we’re having a look at how directions and points of the compass were traditionally used in the Gaelic Highlands, and therefore in Gaelic-influenced Seaboard English, which also carried over into behaviour patterns still familiar to some people today. If you look at the map, it’s clear that the Seaboard coast runs roughly north-east […]

This month we’ll be looking at how some Gaelic language forms, such as diminutive endings, were simply carried over naturally to English or Scots words in local speech, particularly in people’s names. If you have the newest edition of Down to the Sea (2018), you’ll have seen the wonderful long list of by-names at the […]