Chunnaic sinn am mìos sa chaidh mar a dh’fhalbh na Hiortaich mu dhèireadh ann an 1930. San latha an-diugh chan eil daoine ann a’ bhios a’ fuireach anns an eilean ach buidheann luchd-obrach anns an stèisean beag an airm, feadhainn eile ag obair airson an Urrais Nàiseanta, agus bho àm gu àm luchd-saidheans tadhalach.

Bha ceangal ann eadar Hiort agus na Feachdan aig àm a’ Chogaidh Mhòir, mar a chunnaic sinn, le stèisean-siognail an nèibhidh 1915-19, agus bha fiù ‘s ionnsaigh le U-Boot ann an 1918, a rinn cròn mòr air an stèisean agus gu ìre air cuid-seilbhe muinntir an eilein. Ach cha robh uidh idir aig am MOD ann an Hiort anns an Dàrna Cogaidh agus cha b’ ann ach sna leth-cheudan, tron Chogadh Fhuar, a thàinig an t-arm gus stèisean eile a thogail – an turas seo stèisean-radar gus na rocaidean bhon rainse ùr ann an Uibhist a Deas a thracadh.  Tha iad anns an eilean a-nis o chionn 1957. Agus tha ceangal Seaboard ann – cò eile a bha an sas anns a’ chiad ìre-thogail ach Geordie Oliver againn fhein, aig an àm sin a’ dèanamh greis san RAF!

Bhon a’ chiad champa shimplidh, is iad a’ cleachdadh na h-eaglais mar sheòmar-bidh agus thaigh-dealbh, bha iomadh leasachadh ann, gu h-àraidh sna trì-ficheadan. An ceann ùine dh’fhàs e gu bhith na ionad steidhichte leis a h-uile goireas, fiù ‘s taigh-seinnse beag air a bheil The Puff Inn. A-nis tha iad dìreach ga ath-thogail ann an cruth nas fheagarraiche dhan eilean, togalaichean ìosal le còmhdach fiodha agus mullaichean sgratha, agus stuth-togail is uidheam gan toirt air tìr le soithichean-landaidh, mar aig an toiseach. Tha raon-laighe heileacoptair ann cuideachd a-nis. San eadar-àm ‘s e QinetiQ, fo-chùmhnantair ùghdarraichte den MOD, a bhios a’ ruith an ionaid.

Tha an làrach air mhàl fad-ùineach dhan arm bho Urras Nàiseanta na h-Alba, aig a bheil na h-eileanan o chionn 1957, agus tha an com-pàirteachas seo annabarrach feumail dhan Urras. Bidh taic leis an obair aca ri fhaighinn, co-chleachadh nan goireasan (m.e. dealan is cian-chonaltradh, còmhdhail, an t-ionad-slàinte – agus am Puff Inn) agus bidh iad a’ co-roinn cuid mhòr de na cosgaisean. Tha an t-Urras ag obair bho sheann taigh a’ mhinisteir, ri taobh na h-eaglais agus bho sheann taigh no dhà san t-sràid. Is obair an Urrais a bhith a’ coimhead às dèidh an dà chuid an dualchas eachdraidheil agus an àrainneachd. ‘S e Làrach Dualchas na Cruinne dùbailte a th’ anns na h-eileanan Hiortach.

Agus bidh luchd-saidheans ann gu cunbhalach, sa mhòr-chuid gus na caoraich Shòthaigh a sgrùdadh. Tha na caoraich seo air feadh an eilein, agus ‘s ann gu tur fiadhain a tha iad. Cha bhithear gam biadhachadh no gan rùsgadh. Tha iad uabhasach brèagha, nas lugha agus nas caoile na an co-oghaichean air an tìr-mhòr, agus a’ mhòr-chuid donn, dorch no soilleir. Ach chan e an fheadhainn seo a bha aig na Hiortaich – chaidh na caoraich bheannach (Hebrideans) acasan a reic leis an riaghaltas mar lach ri cosgais na h-imrich. Chaidh na caoraich fhiadhain Shòthaigh a thoirt a Hiort às dèidh an fhalamhachaidh, gus an fhàs-bheatha a cumail sìos airson nan eun beaga eileanach, anns an robh ùidh mhòr aig an t-sealbhadair ùr, Diuc Dhùn Phrìs. Bha fiù ‘s aige ri cuid de dh’fhir nan creagan a thoirt air ais gus na caorach a thogail bho chas-chreagan Shòthaigh gu Hiort (cothrom-tillidh sealach a chòrd riuthasan gu mòr, a rèir coltais).

Tha dà bheathach sònraichte eile ann an Hiort, nach eil ri lorg ann an àite sam bith eile – an dreathan donn Hiortach agus an luch Hiortach, an dà chuid nas motha na am bràithrean air an tìr mhòr. Bha sinn fìor thoilichte dreathann donn fhaicinn, ach dh’fhàn na luchan am falach. (Bha ar ceapairean-càise sàbhailte!)

Chan fhaod mi falbh gun iomradh air eòin ainmeil nan creagan is stacannan seo. Tha iad timcheall ort fad na h-ùine ann an Hiort fhèin, air iteig gu h-àrd no a’ dàibheadh gu grad anns a’ mhuir, ach air an t-slighe air ais dhan tìr-mhòr, rinn ar bàta cuairt fad uair a thìde timcheall air Eilean Bhoraraigh agus na stacannan-mara ri thaobh, Stac an Armin agus Stac Lì, agus bha sin dìreach mìorbhaileach. Mìltean thar mhìltean de dh’fhulmairean, shùlairean agus aileanan bod-àtha, agus na creagan-mara as àirde ann am Breatainn, aig amannan a’ dol à sealladh sna sgòthan siùbhlach. Bha na speuran agus na creagan loma-làn dhiubh, agus lìon an glaodhadh an t-adhar os cionn fuaim bàrcadh nan tonn air a’ creig – chan urrainnear samhla-sùl’ a dhèanamh dheth gun a bhith ann. Gu mì-fhortanach bha na buthaidean air falbh mar-thà, ach bha tuilleadh is gu leòr ann ri fhaicinn às an aonais. Doirbh ri chreidsinn gun do dhìrich na Hiortaich suas gu mullaichean nan stacannan dubha ud, fo ionnsaigh nan eun, air an sgailceadh leis na gaothan, agus creagan geura agus anfhadh na mara fada fada fohpa!  Agus tha caoraich fhiadhain air Boraraigh cuideachd, cho sgileil air na slèibhtean casa, faisg air inghearach, ri fir nan creagan fhèin. Seallaidhean nach gabh dìochuimhneachadh!

B’ fhiach dhomhsa an turas-mara agus an latha fada – trì uairean a thìde gach slighe às an Tòb anns na Hearadh, 4 ½ uairean ann an Hiort fhèin, agus uair eile aig na stacannan – agus a’ phrìs (barrachd is £200 gach neach) gus sin uile fhaicinn. ‘S e rud nach dèan a’ mhòr-chuid barrachd is aon uair, agus dhan fheadhainn eile chan e ach bruadar a bhios ann. Àite dìreach sònraichte, agus fèin-fhiosrachadh air leth. Mholainn e!

+++++++++++++++++++++

Last month we saw how the last St Kildans left in 1930. Nowadays no one lives on the island but the staff of a small army base, a few others who work for the National Trust, and the occasional visiting scientist.

There was a link between the island and the Forces in World War I, with the navy signal-station there 1915-19, and there was even a U-Boot attack which badly damaged the station and some of the islanders’ property. But the MOD had no interest in St Kilda during World War 2, and it wasn’t until the 1950s and the Cold War that the army came back to build another base, this time a radar tracking station for the new rocket range in South Uist. They’ve been on the island now since 1957. And there’s even a Seaboard link – who should be involved in that first building phase but our own Geordie Oliver, who was doing a stint in the RAF at the time!

From that first very simple camp, with the soldiers using the old church as a dining-room and cinema, there have been various developments in the base, particularly in the 1960s. Over time it has grown into a permanent base with every facility, even its own wee pub called the Puff Inn. Now they are just re-building it in a form more appropriate to its island setting, low buildings with wood cladding and turf roofs, the building materials and equipment, as ever, brought in by landing-craft. There’s a helicopter landing-pad today too. In the meantime it’s the MOD-approved sub-contractor QinetiQ who are running the base.

The army has the site on long-term lease from the National Trust for Scotland, who’ve owned the archipelago since 1957, and this partnership has proved extremely useful for the Trust. They get help with their work, share the use of the facilities (e.g. electricity and telecommunications, transport, the medical unit – and the Puff Inn), and also share many of the general costs. The Trust works out of the Old Manse, beside the church, and a couple of the restored Village houses. The Trust’s job is to look after both the historical heritage and the natural one.  The St Kilda archipelago is a double World Heritage Site.

And there are also scientists who regularly visit the islands, mainly to study the Soay sheep.  These sheep live all over Hirta, and are completely wild. They’re neither fed nor shorn. They’re really pretty animals, smaller and slimmer than their mainland cousins, and most of them are brown, either dark or light.  But they’re not the ones that were kept by the St Kildans themselves – these were Hebridean sheep, not Soays, and were sold by the government to help offset the cost of the 1930 move. The wild Soay sheep were brought over from the island of Soay after the evacuation to help keep down the vegetation for the sake of the small birds of the islands, which were of great interest to the new owner, the Earl of Dumfries. He even had to bring back some of the cragsmen to lift the sheep off Soay’s steep precipices and bring them over to Hirta (a very welcome if temporary return for the men, by all accounts).

There are two other animals peculiar to Hirta – the St Kilda wren and the St Kilda mouse, both larger than their mainland counterparts. We were delighted to see a wren, but the mice stayed hidden. (So our cheese sandwiches were safe!)

I can’t close without mentioning the famous birds of these cliffs and stacks. They’re around you all the time on Hirta itself, soaring high or swooping straight down into the sea, but on the way back to the mainland our boat took a trip of a good hour around the island of Boreray and its neighbouring sea-stacks Stac an Armin and Stac Lì, and that was absolutely breathtaking. Thousands upon thousands of fulmars, gannets and skuas (also known as “bonxies”), and the highest sea-cliffs in Britain, at times disappearing into the swirling clouds. The skies were full of birds and so were the cliffs, their calls filling the air over the sound of the waves crashing on the rock – impossible to imagine without experiencing it. Unfortunately the puffins had already left, but there was more than enough to see without them. Hard to believe that the St Kildans actually climbed all the way up to the tops of these black stacks, dive-bombed by birds, buffeted by winds, and the raging seas and sharp rocks far, far below! And there are wild sheep on Boreray too, as skilful on the precipitous, almost vertical slopes as the cragsmen themselves. Sights too vivid to forget!

For me the sea-trip, the long day (3 hours each way from Leverburgh in Harris, 4 ½  hours on Hirta, and another hour at the stacks) and the price (over £200 per person) were definitely worth it to see all we did.  It’s something most people only do once, or indeed only dream of. A very special place indeed, and a unique experience. Highly recommended!