Dwelly air loidhne!
O chionn ghoirid nochd làrach-lìn ùr air an robh iomadh Gàidheal agus neach-ionnsachaidh a’ feitheamh – am faclair Dwelly air loidhne. A bheil cuimhne agaibh air Dwelly, leabhar tiugh ud, nas coltaiche ri encyclopedia na ri faclair sìmplidh, a b’ àbhaist a bhith ann an dachaighean air feadh na Gàidhealtachd?
Uill, tha a h-uile eòlas sin ri fhaighinn a-nis air an eadar-lìon, aig http://www.dwelly.info/
‘S urrainn dhut faclan lorg air dòighean eadar-dhealichte , mar eisimpleir Gàidhlig gu Beurla (mar an leabhar fhèin), Beurla gu Gàidhlig, ‘san fhaclair air fad’, ‘pàirt de dh’fhacal’, ‘coltach ri…’, etc. Tha an stòras mòr a bha cho fada falaichte mu dheireadh fosgailte a-nis, tron ghoireas-lorg mhìorbhaileach seo. Agus abair stòras!