seaboardgàidhlig

bilingual blog dà-chànanach

Browsing Posts in Seaboard News Gaelic archive

Fàilte chridheil oirbh uile!  A very warm welcome to you all!

Fritilean Ceann-nathrach / Snake’s head fritillary Bha e riamh na iongnadh dhomh mar a chruthaicheas nàdar lus ball-breacte mar chlàr-tàileisg – chan eil mi eòlach air fear sam bith ach an fhritilean cheann-nathrach. Chunnaic mi a’ chiad uair e ann an dath-uisge le Charles Rennie Mackinosh https://www.pinterest.co.uk/pin/264445809339397836/ , agus is esan aon de na lusan […]

Uiseag bheag dhearg – Little red lark Seo òran-tàlaidh beag brèagha, a thàinig à Eilean Mhanainn bho thùs. Chaidh eadar-theangachadh bho Ghàidhlig Mhanainneach gu Gàidhlig na h-Alba o chionn mu cheud bliadhna, agus cha b’ fhada gus an do dh’fhàs e gu math measail air feadh nan dùthchannan Ceilteach. Anns an t-sèist chì thu “san […]

Teampaill Angkor Chambodia Bha mi cho fortanach ‘s gun robh cothrom agam saor-làithean a chur seachad ann an Àisia an Ear-dheas san Fhaoilleach. Tha mo bhràthair a’ fuireach ann an Kuala Lumpur, Malaysia, agus ‘s ann an sin a bha mi pàirt den ùine, ach shiùbhail mi a Chambodia cuideachd, a dh’aona-ghnothach gus na teampaill […]

Aran Mhuileagan Seo reasabaidh Ameireaganach a fhuair mi bho charaid dhomh, Cam NicRàth. Tha am milsean blasta furasta seo air a bhith air bùird latha-fèille nan Crathach bho chionn còrr is leth-cheud bliadhna.  Sùghmhor ’s mar a tha e, dh’fhaodadh cèic a bhith air seach aran – tha e cho blasta le ìm no as […]

Am Foghar Nuair a tha mi a’ sgrìobhadh seo, ‘s e deireadh na Dàmhair a th’ ann, na craobhan dearg is òir is na duilleagan a’ tuiteam.  Tha mi dìreach air ais bhon Mhòd ann an Dùn Òmhain, agus air an t-slìghe dhràibh sinn tro choilltean brèagha ri taobh lochan fada ciùin Earra-Ghàidheal.  Bha mullaichean […]

Liverpool agus na Saighdearan Terracotta Dà sheachdain air ais bha mi ann an Liverpool gus coinneachadh ri caraidean, ach cuideachd gus taisbeanadh sònraichte san World Museum fhaicinn, a‘ sealladh cuid de na Saighdearean Terracotta à Sìona. Tha sin air mìos eile fhathast, gus 28mh den Dàmhair, agus ‘s math as fhiach fhaicinn. Ach feumaidh sibh […]

Tìr an Eòrna – Barley Country ‘S ann air Tiriodh a tha an t-ainm Tìr an Eòrna anns na seann òrain– bha an t-eilean aithnichte airson arbhair, ach bhiodh seo ceart cho freagarrach mar ainm air Ros an Ear. Nuair a bhios tu a’ dràibheadh tro Mhachair Rois no tron Eilean Dubh as t-samhradh, chì […]

Risotto Adaig Smocte Gritheidean (6 pòrsanan) 500 gr fileadan adaig smocte 750 gr bainne 1 uinnean 2 leigeas 150 gr peasraichean sugarsnap 300 gr rus 200 ml fìon geal 400 gr sùgh circe no glasraich 3 liomaid 2 spàin-bhùird ola-chruinn-ola piobar dubh tomàtothan is peirsill mar sgeadachadh Cuir an adag leis a’ bhainne ann am […]

Obair-shnaidhidh Chruithneach – bùth-obrach le Barry Grove Bha mi air leth toilichte cothrom fhaighinn a bhith aig a‘ bhùth-obrach seo anns a’ Bhlàr Dhubh 19 den Chèitean,  is Barry am fear a shnaidh ath-riochdachadh na cloiche Cruithnich againne ann am Baile a’ Chnuic. Chaidh an tachartas a chur air dòigh le ARCH (Arc-eòlas airson Coimhearsnachdan […]