seaboardgàidhlig

bilingual blog dà-chànanach

Browsing Posts in Seaboard News Gaelic archive

Beinn Uais  A’ bruidhinn mun Bheinn….  Tha sinn uile eòlach air “a’ Bheinn”, comharra-stiùiridh agus samhla Rois an Ear, agus cuspair-còmhraidh maireannach fad deich mhìosan na bliadhna co-dhiù: “Chan eil sneachd air a Bheinn fhathast, ach… / Aidh, cha bhi fada gus am bi an sneachd air ais air a’ Bheinn / Seall, tha sneachd […]

Tachartasan ionadal sgoinneil aig BLAS anns an t-Sultain! Brilliant local BLAS festival events in September!    

Reasabaidhean Àisianach Samhraidh Fhuair mi na reasabaidhean Àisianach blasda seo bho Janni Diez, Oifigear Leasachaidh Cànain aig Sabhal Mòr Ostaig ann an Slèite, Eilean Sgitheanach, a nì clasaichean-còcaireachd Gàidhlig an sin cuideachd. Mìle taing, Janni! Mairt- fheòil le Sabhs Eisirean 200g de mhairt-fheòil 2 spàin de sabhs soidhe 2 spàin de stuthaig 1 spàin de […]

Ainmean-àite 5 – Beurla agus Beurla Ghallda Mar a chunnaic sinn mar-thà, ‘s e eachdraidh fhada agus gu ìre chaochlaideach a bha aig Machair Rois. Ach tha aon rud ann a bha seasmhach: bha an-còmhnaidh ùidh mhòr aig luchd-riaghlaidh na h-eaglaise agus na stàite anns an dùthaich thorraich fhasgaich aig ceann Linne Mhoireibh. Bha cudromachd […]

Ainmean-Àite 4: na Gàidheal – Creideamh is Caistealan Creideamh Ged a dh’fhaodas a bhith fianais air ‘Draoidhean’ anns an sgìre anns na h-ainmean ‘Port an Druidh’, agus ‘Cadha Port an Druidh’ air Beinn Neig, ‘s dòcha ceangailte ris  na Decantae (c. 120 BC), chan eil eòlas cinnteach againn dè na h-ainmean-àite a dh’fhaodas a dhol air […]

Ma bhios ùine agus ùidh agaibh a-màireach, Disathairne 25 den Cheitean aig 2f, bidh cothrom math ann na naidheachdan arc-eòlach as ùire mu Chlach Neig a chluinntinn fhad’s a tha sibh a’ coiseachd air Slighe an Easbaig, le deasbad is srùbag as a dhèidh. Barrachd fiosrachaidh an seo: http://www.niggoldtrust.org.uk/news.asp   If you have time and interest tomorrow, Sat 25 […]

Chaidh sgoilearan clas 6/7 à Bun-sgoil Chnoc na Creige, ann am Baile Dhubhthaich, air turas gu Pàrlamaid Diluain sa chaidh airson seisean tro mheadhan na Gàidhlig. Class 6/7 GME Craighill Primary, Tain, visited the Scottish Parliament for a Gaelic tour and activities last Monday . http://parlamaidalba.wordpress.com/2013/05/02/bailedhubhthaich/ Looks like they had fun, especially creating their own MSP profile…   […]

Ainmean-àite ann am Machair Rois 3  – na Gàidheal: an oirthir ‘S e oirthir an Ear am pàirt as drùidhtiche den sgìre againn agus tha na h-ainmean-àite a’ toirt fianais air sin. Anns an t-uabhas de dh’ainmean ionadail air creagan sònraichte, mar eisimpleir, chithear cho cudromach agus a bha a’ mhuir aig daoine, airson iasgaich […]

Ainmean-Àite ann am Machair Rois 2 – Na Gàidheil: Bailtean is Cruth na Tìre Chunnaic sinn mìos sa chaidh gu bheil iomadh ainm-àite ann am Machair Rois a thàinig bho na Cruithnich agus na Lochlannaich, ach ‘s ann bhon t-sluagh Ghàidhealach a thàinig a’ mhòr-chuid de na h-ainmean san sgìre seo. Ged a bha cuid […]